 |
| Peggie MacKinnon and Rona Lightfoot. |
Mur am bi ionnsachadh na Gàidhlige a dhìth ort, na creid nach bitheadh rud sam bith inntinneach dhut aig an Fhéis! Bithidh cothroman ann a sheinn òrain, a dhannsadh, a dh’ionnsachadh bàrdachd, agus a bhruidhinn na Gàidhlige còmhla ri daoine-ionnsachaidh a bhitheas gu math deigheil agus taingeil dhut.
Is e àite glé bhreagha a th’ann an Dùn Worden. Tha e suidhichte air an tràigh, am measg bheanntan agus choilltean cho àlainn sa ghabhas ach ann an Albainn fhéin. Mar a thuirt té de na Gaidheil a bh’ann aig an Fhéis ann an 2002, “Bha mi a’ faireachdainn mar a bha mi am measg nan daoine agam fhéin.”
Tiugainn leinn agus leig le Slighe nan Gaidheal a dhearbhadh dhut gu bheil Gàidhlig, ceòl, agus aoidheachd beò fhathast ann am Amaireaga à Tuath
Gheibheadh tu fàilte bhlàth gu dearbh!
|